Saturday 23 July 2022

Sgeul Ghàidhlig Arainn

  Tha sgeul anns The Gaelic of Arran le Nils Holmer ann anns an deachaidh dithis a steach uaimh shìobhrach. ‘S leis Mr. Malcom Curry an sgeul seo, agus tha móran rudan inntinneach ann mu thimchioll beul-athris. Seo agaibh an sgeul:


"Bha dà thuathanach anns an Eilean Arannach a bha dol a dh' ionnsaidh a' mhuileann mhine a dheanadh min do 'n t-sìol. Agus nuair a bha iad air an rathad a' dol gus a' mhuileann mhine aig Loch Raonasa, chuala iad ceòl binn a stigh ann an uaimh. Chaidh iad a stigh a dh' fhaicinn, agus bha ann a' sin ceòl agus buidhean mhór do na sìobhraich a' damhsadh. Thòisich iad air (a'?) damhsadh leò, agus nuair a bha iad a' damhsadh treis, thùirt fear dhiùbh r' a choimhearsnach gu 'n robh an t-àm aca a nis a bhith falbh. Agus is e am freagar a fhuair e nach robh iad ach an déidh tòiseachadh an damhsaidh. Ach dh' fhalbh fear aca gus a' mhuileann mhine, agus dh' fhàg e a chompanach as a dhéidh. Agus nuair a thàinig e dhachaidh, bha iad a' tòrachd dheth c' àite an robh a chompanach. Agus se am freagar a thug e dhaibh gu 'n d' fhàg e e a' damhsadh leis na mnathan sìth. 


Ach cha robh iad toilichte leis an fhreagar sin, agus bha iad ullamh air breith air agus prìosanach a dheanadh dheth. Agus thùirt e riù: "Ma bhitheas faighidinn agaibh car latha agus bliadhna, thig e air ais slàn, fallan." Well, coimeas na h-oidhche sin an ath bhliadhan, chaidh an duine gus a' mhuileann mhine le sac sìl air a dhruim. Agus chuala e an ceòl agus an damhsadh a' dol air aghaidh anns an uaimh. Agus chaidh e a steach, agus có a chunnaic e a stigh ach a chompanach a bha damhsadh leis an t-sac mhin air a dhruim fad bliadhna. Thùirt e ris gu 'n robh iad glé fhada damhsadh a nis, agus se 'n fhreagar a thug an duine dha nach robh e ach an déidh tòiseachadh. Agus rug e air agus thug a mach as an uaimh agus dhachaidh e. Agus nuair a dh' amhairc iad air an t-sìol a bha sa' phoca, bha e na fìneagan beò ann” (Holmer 163-165).



sìobhraich - ‘sìthichean’


coimhearsnach - ‘nàbaidh’


tòrachd dheth - ‘faighneachd dheth’


ullamh - ‘deiseil’


faighidinn - ‘foighidinn’



Seo agaibh clàradh rinn mi de ‘n sgeul seo. Feumaidh mi ràdh nach ‘eil Gàidhlig o ‘n ghlùin ‘am, agus chan ‘eil duine ar bith air an t-saoghal aig am bheil Gàidhlig Arainn o ‘n ghlùin a nis. Mar sin, tha mi cinnteach gu ‘n dean mi móran mhearachdan anns a’ chlàradh seo.


No comments:

Post a Comment

Arran Numerals

  Cardinal number types: general independent (counting form)  attributive (adjective before a noun)  personal  Cardinal Ordinal General Inde...